Patna
'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir an Ear a tha ann am Patna. Tha am baile suidhichte air àird an iar-dheas Inbhir Àir air a’ mhòr-rathaid A713. Tha e dìreach air àird a tuath Dail M'Fhaolain eadar Poll an Easain agus Waterside. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 21′ 50″ Tuath agus 4° 29′ 56″ Iar.
Tha Abhainn Dhùin a' ruith tron bhaile.
Anns a' bhliadhna 2020 bha 2070 duine a' fuireach an seo.[1]
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1802 le William Fullarton airson nam mèinnearan den sgìre seo. Bha athair Fullarton ag obair aig an British East India Company agus canar gun tàinig ainm a' bhaile a-rèir "Patna", baile anns na h-Innseachan.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 416 106
Siorrachd Àir agus Arainn